1 / 27

TÙSAN

TÙSAN. Liosta Leabhraichean is Eile Iomraidhean Às-Earrannan. Dè tha ann an obair acadaimigich?. Deasbad a tha ag amas air an fhìrinn le Fianais bho diofar àiteachan Diofar bheachdan Co-dhùnadh Chan ionann seo agus ealain no poileataigs.

elana
Download Presentation

TÙSAN

An Image/Link below is provided (as is) to download presentation Download Policy: Content on the Website is provided to you AS IS for your information and personal use and may not be sold / licensed / shared on other websites without getting consent from its author. Content is provided to you AS IS for your information and personal use only. Download presentation by click this link. While downloading, if for some reason you are not able to download a presentation, the publisher may have deleted the file from their server. During download, if you can't get a presentation, the file might be deleted by the publisher.

E N D

Presentation Transcript


  1. TÙSAN Liosta Leabhraichean is Eile Iomraidhean Às-Earrannan

  2. Dè tha ann an obair acadaimigich? • Deasbad a tha ag amas air an fhìrinn le Fianais bho diofar àiteachan Diofar bheachdan Co-dhùnadh • Chan ionann seo agus ealain no poileataigs

  3. Carson a tha e cudromach a bhith ag ainmeachadh nan tùsan agad? • Gus an fhianais agad a dhearbhadh • Gus na beachdan agad a dhearbhadh AGUS • Gus do dhìon fhèin bho chasaidean mèirle-sgrìobhaidh

  4. Agus air adhbharan nas pragtaigich: • Mura bheil tùsan agad, caillidh tu comharraidhean • ’S e pàirt riatanach den aiste a tha sna tùsan

  5. Còig Diofar Sheòrsachan de Thùsan (1) Liosta leabhraichean aig deireadh aiste (2) Iomraidhean san aiste fhèin (3) Às-Earrannan (quotations) (4) Bonn-notaichean (footnotes) (5) Liosta dhealbhan

  6. Dè tha sa Liosta Thùsan? • Liosta de na leabhraichean, artaigilean, etc air an do choimhead thu fhèin • Liosta de na tùsan air an dèan thu iomradh • Liosta de na tùsan às an tàinig na h-às-earrannan • Nochdaidh seo aig deireadh na h-aiste agad (ro na pàipearan taiceil)

  7. A' cur Liosta Thùsan còmhla Cleachdaidh OGE Siostam Harvard • Sgrìobhaidh tu na h-iomraidhean san teagsa gu goirid: (Black 2001:17) • Bheir thu seachad am fiosrachadh slàn dìreach aon turas san liosta de thùsan.

  8. am fiosrachadh slàn... Black, R. (2001) An Lasair: Anthology of 18th Century Scottish Gaelic Verse. Dùn Èideann: Birlinn (i) Ainm an ùghdair / neach-deasachaidh (ii) Deit foillseachaidh (an lùbagan) (iii) Tiotal an leabhair an clò Eadailteach (iv) Àite foillseachaidh (v) Taigh foillseachaidh

  9. an òrdugh na h-aibidil, a rèir ainm an ùghdair Ferguson, W. (1998) The Identity of the Scottish Nation: An Historic Quest. Dùn Èideann: Edinburgh University Press. Gaskill, H. (1991) Ossian Revisited. Dùn Èideann: Edinburgh University Press. Grant, A. (1803) Poems on Various Subjects. Lunnainn: Longman. Black, Ronald (2001) An Lasair: Anthology of 18th Century Scottish Gaelic Verse. Dùn Èideann: Birlinn.

  10. Ainm an Ùghdair • Sgrìobh cinneadh an ùghdair no an neach-deasachaidh ron a’ chiad ainm, m.e. Black, R. • Faodaidh tu dithis ainmeachadh, ach ma tha barrachd ann, sgrìobh agus eile no et al. Sgrìobh deas. as dèidh ainm deasaiche, m.e. Gracia, Reichberg, et al. (deas) • Mura bheil ùghdar ann, cleachd tiotal an leabhair na àite. m.e. Am Bìoball

  11. (ii) Deit-fhoillseachaidh • A' bhliadhna anns an deach an leabhar fhoillseachadh (ann an lùbagan); dh'fhaodadh seo atharrachadh a rèir an deasachaidh air a bheil thu fhèin a' coimhead: Gaarder, J. (1996) 2na deas. Sophie’s World. Lunnainn: Phoenix

  12. Clàradh Artaigilean à Irisean Withers, C. (An Geamhradh 1986) "A Population Observed: Gaelic speakers in Rothesay and the Isle of Bute in 1834”. Scottish Gaelic Studies. Vol XIV Part II; Td. 102-122. Ciamar a tha seo diofraichte?

  13. Ciamar a tha seo diofraichte? • Mìos cho math ri bliadhna ainmichte • Duilleagan ainmichte • Gun iomradh air àite foillseachaidh

  14. Clàradh làraichean-lìn Smith, K. "Descartes' Life and Works", The Stanford Encyclopedia of Philosophy, (Spring 2003 Edition), Edward N. Zalta (deas.), [air loidhne] ri fhaighinn air http://plato.stanford.edu/archives/spr2003/entries/descartes-works/ [An Giblean 2004] NB. seòladh slàn na làraich-lìn [an deit air an do choimhead thu oirre]

  15. Comhairle • Cuir an liosta de thùsan còmhla fhad ’s a tha thu ag obair air aiste • Tha seo fada nas fhasa na bhith coimhead air ais as dèidh làimhe. • Nuair a tha e stèidhichte agad, tha e furasta a bhith a' fighe thùsan eile a-staigh • Cuir ann an òrdugh na h-aibidil iad.

  16. Iomraidhean san teagsaCuir tòrr ann! • A h-uile turas a tha thu a' toirt seachad beachd, bu chòir dhut sealltainn cò às a thàinig e. • Sònraich seo le ùghdar agus bliadhna-fhoillseachaidh an leabhair agus an taobh-duilleig air an nochd am beachd. Thuirt Withers (1986:115) gun robh.... No Cha robh an òigridh a' cleachdadh na Gàidhlig ann am Baile Bhòid (Withers 1986:115).

  17. A’ ceangal iomraidhean dhan liosta thùsan Tha (Withers1986: 102) a’ stiùireadh an leughadair dhan liosta-leughaidh: Withers, C. (1986) “A Population Observed: Gaelic speakers in Rothesay and the Isle of Bute in 1834”, Scottish Gaelic Studies. An Geamhradh 1986, Vol XIV Part II, Td. 102-122.

  18. Às-Earrannan Far a bheil thu a' cleachdadh earrann ghoirid, cùm san teacs agad fhèin i, le cromagan turrach mun cuairt oirre: Sgrìobh Withers (1986; 73), "An examination of the occurrence of future forms in -(e)as ... might prove useful".

  19. Airson às-earrannan nas fhaide… Cleachd earrann fa leth air a cur a-staigh bhon sgrìobhadh agad fhèin, gun chromagan turrach: Tha Ap Rheinalt (2004:14) ag ràdh:  Mar sin, ’s dòcha nach robh Ì cho cliùiteach ’s a bha Adomnán, ùghdar VSC, a’ dèanamh dheth. A bharrachd air sin, chaidh grunn chunntasan agus sgrìobhainnean a bha a’ buntainn do dh’Eilean Ì a ghleidheadh air sgàth a’ cheangail làidir a bh’ aige ri Èirinn. Mar sin, cha robh na h-àiteachan eile cho ainmeil…

  20. Bonn-Notaichean • airson beagan a bharrachd fiosrachaidh a thoirt seachd nach eil buileach a' buntainn ris a' chuspair • Gus bonn-nota a chruthachadh, rach gu “References" agus put air “Insert Footnote". Thèid àireamhachadh leis a' choimpiutair fhèin is nochdaidh e aig bonn na duilleige.

  21. Cuimhnich Tha obair acadaimigeach gun tùsan coltach ri geama ball coise gun raon-cluiche. Chan eil tùsan roghainneil.

  22. A’ Sgrìobhadh Aiste ’S e deasbad a tha ann an aiste. Bidh co-dhiù ceithir pàirtean ann: • An ro-ràdh • Am meadhan • An co-dhùnadh • Na tùsan

  23. An ro-ràdh • cuir a’ cheist ann an co-theacs • innis dè am fiosrachadh a tha ann mun chuspair • innis dhan leughadair dè am plana a bhios agad anns an aiste

  24. Am meadhan • Dèan sgrùdadh air an fhianais • Ainmich na diofar argamaidean Thoir taic dha na tha thu ag ràdh le tùsan, iomraidhean agus às-earrannan

  25. An co-dhùnadh • Till dhan cheist • Thoir seachad geàrr-chunntas air an fhianais • Thoir seachad do bheachd fhèin air a’ chùis

  26. Na Tùsanam pàirt as cudromaiche dhen aiste Liosta aibidileach den fhianais: • Na leabhraichean, DVDs, prògraman, mapaichean etc. air an do choimhead thu • Tùsan nan às-earrannan • Tùsan nam beachdan • Tùsan nan dealbhan

  27. An tuilleadh fiosrachaidh air làraich-lìn do dh’oileanaich na Colaiste http://www.smo.uhi.ac.uk/Foghlam/Fios-oileanaich/index_gd.html Gheibhear • Am powerpoint seo • TÙSAN: Liosta Leabhraichean is Eile • UHI Student Referencing Guide

More Related