150 likes | 298 Views
Leasachadh Litearrais na G à idhealtachd. Ann am Bun-sgoil ……………. Amasan. Rannsachadh a dh ėanamh air Program Leughaidh Chomhairle na Gàidhealtachd gus deagh mhodh obrach a chomharrachadh agus daoine a dhėanamh mothachail air ro-innleachdan eile.
E N D
Leasachadh Litearrais na Gàidhealtachd Ann am Bun-sgoil ……………
Amasan • Rannsachadh a dhėanamh air Program Leughaidh Chomhairle na Gàidhealtachd gus deagh mhodh obrach a chomharrachadh agus daoine a dhėanamh mothachail air ro-innleachdan eile. • Coimhead air, agus bruidhinn mu ro-innleachdan ionnsachaidh cho-obrachail agus mar a dh’fhaodar iad sin a chur an sàs sa chlasrum. • Am modh obrach as fheàrr a thaobh rianachd teagasg Bun Leughadh a roinn am measg a chėile. • Fiosrachadh agus ro-innleachdan mu theagasg Neo-fhicsean a thoirt seachad tro obair ann an triùir, a’ cleachdadh leabhraichean beaga. • Fiosrachadh a thoirt seachad air teagasg mu Cheàird an Ùghdair tro leughadh, a’ cleachdadh teacsa còmhla ri càch agus gus ceangal a dhėanamh eadar sgrìobhadh agus leughadh. • An t-slighe air adhart airson leasachaidhean ann an Litearras na Gàidhealtachd a roinn am measg a chėile.
Ionnsachadh Co-obrachail • Tha am pròiseact litearrais fon bhrataich ris an canar ionnsachadh co-obrachail – ag obair còmhla, a’ roinn smuaintean airson maith gach neach fa leth.
Eilimeidean leughaidh • Bun leughadh – bidh barrachd cuideim air teagasg leughaidh agus nas lugha air a bhith ag ėisteachd ri leughadh • Tha ‘Leughadh airson Toileachas’ na phàirt chudromach ann a bhith ag ionnsachadh leughadh dhan chloinn • Tha ‘Leughadh airson Fiosrachadh’ na sgila tha a’ dol tron chlàr-oideachaidh air fad • Ceàird an Ùghdair – a’ tuigsinn mar a tha ùghdar a’ cleachdadh cànan tro leughadh agus a’ dėanamh ceangal ri sgrìobhadh
Bun Leughadh bho P3/4 gu P7 • Tha leabhraichean bun leughaidh gan cumail san • A’ teagasg leughadh, chan e dìreach ag ėisteachd ri leughadh • Tha crìoch air an àireamh de bhuidhnean comais sa chlas • Tha na sgoilearan anns gach buidheann de chomas caran co-ionnan • Bidh feumalachdan nan sgoilearan a tha a’ cur feum air barrachd taice fhathast gan coinneachadh agus, a bharrachd air an sin, bidh iad a’ dol an sàs ann an obair bhuidhnean • Tha trì seiseanan ann gach seachdain • Mairidh gach seisean mu 45 mionaid
Bun Leughadh bho P3/4 gu P7 Bidh a’ chlann: • air an trėanadh ann an leughadh a tha air a chumail suas le bhith a’ cleachdadh leabhraichean le caibideilean • a’ cleachdadh theacsan aig ‘ìre a ghabhas leughadh’– ’s e na tha thu a’ dėanamh leis an teacsa a tha cudromach • ag obair air gach leabhar airson 3 no 4 de sheachdainean; eadar 12 is 15 tiotalan sa bhliadna gu lėir • a’ cleachdadh iomadh seòrsa gnė nam measg neo-fhicsean, bàrdachd, sgrioptan dhealbhan cluiche msaa [cuideachd nobhailean] • a’ cur seachad ùine teagaisg le fòcas le bhith a’ dėanamh leughadh treòraichte sa chlasrum a’ cleachdadh a’ bhun leabhar leughaidh • a’ cleachdadh caochladh stuthan aig ìrean comharraichte bho dhiofar fhoillsichearan seach dìreach a bhith ag obrachadh tro ‘sgeama’.
Bun Leughadh bhoP1 gu P2/3 Bidh a’ chlann: • a’cumail orra a’ toirt leabhraichean leughaidh dhachaigh airson daingneachadh agus fileantachd a neartachadh • ag ionnsachadh sgilean leughaidh gach latha, nam measg fileantachd, tuigse, ag aithneachadh fhaclan agus litreachadh • ag obair ann am buidhnean còmhla ri sgoilearan de chomas co-ionnan
Bun Leughadh bhoP1 gu P2/3 Bidh a’ chlann: • a’ faotainn modh-obrach leughaidh mar a leanas - leabhar slàn [lėisteachd agus còmhradh mu dheidhinn]] - leabhar slàn [ath-innse agus leughadh càraid] - pàirtean dhen leabhar [a’ leughadh leotha fhėin] - leabhar slàn [a’ leughadh leotha fhėin] • a’ cleachdadh iomadh seòrsa gnė marneo-fhicsean, bàrdachd, sgrioptan dealbh-chluich, msaa ged a bhios an cuideam air Ficsean • ag obair gu luath le iomadh leabhar • a’ cleachdadh caochladh stuthan aig ìrean comharraichte bho fhoillsichearan eadar-dhealaichte seach dìreach a bhith a’ dol tro ‘sgeama’
A’ leasachadh leughadh ann am P2 is P3 Mar a bhios sgoilearan a’ leasachadh nan sgilean leughaidh aca, bidh barrachd chothroman aca gu bhith a’ leughadh an dà chuid – Leotha fhėin agus Gu sàmhach
Leughadh airson ToileachasThoir dha an t-àite a tha e airidh air! • Pàirt chudromach ann an Leughadh • Buailteach gun deach a chur a-mach às a’ chlasrum SA CHLASRUM • Leughadh Sàmhach • Taghadh nan sgoilearan de theacsan is gnė • Tidsear a’ leughadh cuideachd mar dheagh eisimpleir • Cunbhalach agus aig àm suidhichte • Timcheall air 15 – 20 mionaid • Irisean, leabhraichean fealla-dhàcuideachd • Uaireannan, leugh do charaid no innis dhaibh mu na tha thu a’ leughadh • Leugh dhan chloinn • Gach ìre • Measgachadh ghnėathan • Sgeulachdan goirid is nobhailean gus teannachadh a thogail • Cunbhalach agus aig àm suidhichte • Iarr air feadhainn eile leughadh • Lorg an ùine!
Leughadh airson Toileachas aig an taigh Chan urrainn dhut toirt air a’ chloinn a bhith a’ leughadh airson toileachas aig an taigh – bidh thu dìreach gam brosnachadh. • Thoir deagh eisimpleir dhaibh • Roinn toileachas leughaidh còmhla ri do phàiste • Bi cinnteach gu bheil iomadh seòrsa stuth leughaidh ri làimh
A’ leughadh airson Fiosrachadh • An tidsear a’ modaileadh a’ phròiseas an toiseach a’ cleachdadh leabhraichean mòra no teacsan air an roinn am measg a chėile • Obair triùir leotha fhėin • Tha crìochan ùine air gach ìre • Feumaidh sgoilearan beachdachadh air an teacsa le rùn nan inntinn • Tha e a’ cur feum air deagh sgilean ėisteachd • Cothrom air eòlas ro làimh a roinn • Tha pàirt aig gach sgoilear agus, mar sin, chan urrainn duine a bhith gun chàil ri dhėanamh
Ceàird an Ùghdair • A’ teagasg cleachdadh cànain an ùghdair tro leughadh • A’ dėanamh ceangal ri sgrìobhadh • Chan eil freagairtean ceart no ceàrr ann – tha e mun chloinn a bhith: • A’ bruidhinn mu theacsan • A’ toirt bheachdan • A’ fìrinneachadh fhreagairtean
Thusa a-nis! Beagan Spòrs!
Leughaibh còmhla! • Fosgail an doras airson leughadh còmhla ri do phàiste! • Tha leughadh còmhla ri pàiste air rud cho math is cho tlachdmhor ’s a nì clann is inbhich còmhla. • Leughaibh Còmhla! (Read Together!) Seo Iomairt Riaghaltas na h-Alba air Leughadh aig an Taigh agus tha e a’ brosnachadh phàrantan is luchd-cùraim gu bhith a’ leughadh leabhraichean còmhla ris a’ chloinn bho thoiseach gnothaich. • www.readtogether.co.uk